Wednesday 25 November 2009

Gen 9


1 Agus bheannaich Dia Noah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh.
2 Agus bithidh bhur n-eagal agus bhur fiamhsa air uile bheathaichibh na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach ni a ghluaiseas air an talamh, agus air uile iasgaibh na mara; d'ur làimh-sa tha iad air an tabhairt.
3 Bithidh gach ni gluasadach a tha beò, dhuibh mar bhiadh; amhuil mar an luibh ghorm thug mi dhuibh na h-uile nithean.
4 Ach feòil maille r'a beatha, eadhon a fuil, cha-n ith sibh.
5 Agus gu deimhin fuil bhur beatha-sa iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthar gach duine iarraidh mi beatha an duine.
6 Ge b'e 'dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear 'fhuil-san; oir ann an dealbh Dhé rinn e an duine.
7 Agus bithibh-sa sìolmhor, agus fàsaibh lìonmhor, ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann.
8 Agus labhair Dia ri Noah, agus r'a mhic maille ris, ag ràdh,
9 Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choimhcheangal ribhse, agus ri'r sliochd 'n 'ur déigh.
10 Agus ris gach uile chreutair beò a tha maille ribh, de eunlaith, de spréidh, agus de uile bheathaichibh na talmhainn maille ribh, gach uile 'tha 'dol a mach as an àirc, gu uile bheathaichibh na talmhainn.
11 Agus daingnichidh mi mo choimhcheangal ribh, agus cha sgriosar gach uile fheòil tuille le h-uisgibh na dìle: agus cha bhi dìle ann ni's mò a sgrios na talmhainn.
12 Agus thubhairt Dia, So comharadh a' choimhcheangail a tha mi 'toirt eadar mise agus sibhse, agus gach creutair beò a tha maille ribh, air feadh ghinealach sìorruidh:
13 Mo bhogha cuiridh mi anns an neul, agus bithidh e 'n a chomharadh coimhcheangail eadar mise agus an talamh.
14 Agus tarlaidh, 'n uair a bheir mi neul os ceann na talmhainn, gu'm faicear am bogha anns an neul.
15 Agus cuimhnichidh mi mo choimhcheangal, a tha eadar mise agus sibhse, agus gach creutair beò de'n uile fheòil; agus cha-n fhàs ni's mò na h-uisgeachan 'n an dìle a sgrios gach uile fheòla.
16 Agus bithidh am bogha anns an neul, agus amhaircidh mi air, chum as gu'n cuimhnich mi 'n coimhcheangal sìorruidh eadar Dia agus gach creutair beò de'n uile fheòil, a tha air an talamh.
17 Agus thubhairt Dia ri Noah, So comharadh a' choimhcheangail, a dhaingnich mi eadar mi féin agus gach uile fheòil a tha air an talamh.
18 Agus b'iad mic Noah a chaidh a mach as an àirc, Sem, agus Ham, agus Iaphet: agus b'e Ham athair Chanaain.
19 Is iad sin triuir mhac Noah: agus leo sin lìonadh an talamh uile.
20 Agus thòisich Noah air a bhi 'n a fhear saoithreach na talmhainn, agus shuidhich e fìon-ghàradh.
21 Agus dh'òl e de'n fhìon, agus bha e air mhisg, agus bha e lomnochd a stigh 'n a bhùth.
22 Agus chunnaic Ham, athair Chanaain, nochd 'athar, agus dh'innis e d'a dhà bhràthair a muigh.
23 Agus ghabh Sem agus Iaphet brat, agus chuir iad le 'chéile air an guailnibh e, agus chaidh iad 'an comhair an cùil, agus chòmhdaich iad nochd an athar; agus bha 'n aghaidhean air an ais, agus cha-n fhac' iad nochd an athar.
24 Agus dhùisg Noah o 'fhìon, agus thuig e ciod a rinn a mhac a b'òige air.
25 Agus thubhairt e, mallaichte gun robh Canaan; 'n a sheirbhiseach nan seirbhiseach bithidh e d'a bhràithribh.
26 Agus thubhairt e, Beannaichte gu'n robh Tighearn Dia Sheim; agus bithidh Canaan 'na sheirbhiseach dha.
27 Ni Dia Iaphet farsaing, agus còmhnuichidh e ann am bùthaibh Sheim; agus bithidh Canaan 'n a sheirbhiseach dha.
28 Agus bha Noah beò an déigh na dìle tri cheud, agus leth-cheud bliadhna.
29 Agus b'iad uile làithean Noah naoi ceud, agus leth-cheud bliadhna: agus fhuair e bàs.