Saturday 7 November 2009

Gen 2


1 Agus chrìochnaicheadh na nèamhan agus an talamh, agus an sluagh uile.
2 Agus chrìochnaich Dia air an t-seachdamh là 'obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t-seachdamh là o 'obair uile a rinn e.
3 Agus bheannaich Dia an seachdamh là, agus naomhaich se e; do bhrìgh gur ann air a ghabh e fois o 'obair uile, a chruthaich Dia agus a rinn e.
4 Is iad so ginealaich nan nèamh agus na talmhainn, 'n uair a chruthaicheadh iad, 's an là anns an d'rinn an Tighearn Dia an talamh agus na nèamhan.
5 Agus cha robh aon de phreasaibh na macharach fathast anns an talamh, agus cha d'fhàs fathast aon de lusaibh na macharach; do bhrìgh nach d'thug an Tighearn Dia air uisge frasadh air an talamh, agus cha robh duine ann a shaoithreachadh na talmhainn.
6 Ach chaidh ceò suas o'n talamh, agus dh'uisgich e aghaidh na talmhainn uile.
7 Agus dhealbh an Tighearn Dia an duine de dhuslach na talmhainn: agus shéid e ann an cuinneinibh a shròine anail na beatha; agus dh' fhàs an duine 'n a anam beò.
8 Agus shuidhich an Tighearn Dia gàradh ann an Éden 's an àird an ear, agus chuir e an sin an duine a dhealbh e.
9 Agus thug an Tighearn Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a tha taitneach do'n t-sealladh, agus maith a chum bìdh: craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a' ghàraidh, agus craobh eòlais a' mhaith agus an uilc.
10 Agus chaidh amhainn a mach á h-Éden a dh'uisgeachadh a' ghàraidh; agus as a sin roinneadh i, agus dh'fhàs i 'n a ceithir meuraibh.
11 Is e ainm na ceud aimhne Pison; so i a tha 'cuartachadh tìre Chabhilah uile, far am bheil òr.
12 Agus tha òr na tìre sin maith: an sin tha bdellium, agus a' chlach onics.
13 Agus is e ainm na dara aimhne Gihon: is i sin a tha 'cuartachadh tìre Chuis uile.
14 Agus is e ainm na treas aimhne Hidecel: is i sin a tha 'dol do'n taobh an ear de Asiria. Agus is i a' cheathramh amhainn Euphrates.
15 Agus ghabh an Tighearn Dia an duine, agus chuir se e ann an gàradh Édein, g'a shaoithreachadh, agus g'a ghléidheadh.
16 Agus dh'àithn an Tighearn Dia do'n duine, ag ràdh, De gach uile chraoibh 's a' ghàradh feudaidh tu itheadh gu saor:
17 Ach de chraoibh eòlais a' mhaith agus an uilc, cha-n ith thu dh'i sin; oir anns an là a dh'itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu.
18 Agus thubhairt an Tighearn Dia, Chan n'eil e maith gu'm biodh an duine 'n a aonar: Ni mi dha comhnadh d'a réir féin.
19 Agus dhealbh an Tighearn Dia as an talamh uile bheathaichean na macharach, agus uile eunlaith nan speur, agus thug e iad a chum Àdhaimh, a dh'fhaicinn cionnas a bheireadh e ainm orra: agus ge b'e ainm a thug Àdhamh air gach creutair beò, b'e sin a b'ainm dha.
20 Agus thug Àdhamh ainmean air an spréidh uile, agus air eunlaith nan speur, agus air uile bheathaichibh na macharach: ach do Àdhamh cha d'fhuaradh comhnadh d'a réir féin.
21 Agus thug an Tighearn Dia air codal trom tuiteam air Àdhamh, agus choidil e: agus ghabh e h-aon d'a aisnibh, agus dhùin e an fheòil suas 'n a h-àite.
22 Agus thog an Tighearn Dia an aisinn a thug e o'n duine suas 'n a mnaoi, agus thug e i chum an duine.
23 Agus thubhairt Àdhamh, So a nis cnàmh de m' chnàmhaibh, agus feoil de m' fheòil-sa: goirear bean dith, do bhrìgh gur ann as an duine a thugadh i.
24 Air an aobhar sin fàgaidh fear 'athair agus a mhàthair, agus dlùth-leanaidh se r'a mhnaoi; agus bithidh iad 'n an aon fheòil.
25 Agus bha iad le chéile lomnochd, an duine agus a bhean; agus cha robh nàire orra.