Friday 13 November 2009

Gen 7


1 Agus thubhairt an Tighearn ri Noah, Rach thusa, agus do thigh uile, a steach do'n àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach a'm' fhianuis 's a' ghinealach so.
2 De gach uile ainmhidh glan gabhaidh tu dhuit 'n an seachdaibh, am firionn agus
am boirionn; agus de ainmhidhibh nach 'eil glan 'n an caraidibh, am firionn agus am boirionn:
3 Mar an ceudna de eunlaith nan speur 'n an seachdaibh, firionn agus boirionn, a
ghléidheadh sìl beò air aghaidh na talmhainn uile:
4 Oir fathast seachd làithean, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà
fhichead là agus dà fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi gach dùil bheò a rinn mi, bhàrr aghaidh na talmhainn.
5 Agus rinn Noah a réir gach ni a dh'àithn an Tighearn dha.
6 Agus bha Noah sè ceud bliadhna dh'aois, 'n uair a bha an dìle uisgeachan air an talamh.
7 Agus chaidh Noah steach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnathan a mhac maille
ris, do'n àirc, air son uisgeachan na dìle.
8 De ainmhidhibh glan, agus de ainmhidhibh nach 'eil glan, agus de eunlaith, agus de gach ni a shnàigeas air an talamh,
9 Chaidh dithis agus dithis a steach a dh'ionnsuidh Noah do'n àirc, firionn agus
boirionn, a réir mar a dh'àithn Dia do Noah.
10 Agus an déigh sheachd làithean bha uisgeachan na dìle air an talamh.
11 Anns an t-sèathamh ceud bliadhna dh'aois Noah, 's an dara mìos, 's an t-seachdamh là deug de'n mhìos, 's an là sin fhéin bhriseadh suas uile thobraichean na doimhne mòire, agus bha tuil-dhorsan nan nèamh air am fosgladh.
12 Agus bha'n t-uisge air an talamh dà fhichead là agus dà fhichead oidhche.
13 'S a' cheart là sin féin chaidh Noah, agus Sem, agus Ham, agus Iaphet, mic Noah, agus bean Noah, agus triuir bhan a mhac maille riu, steach do'n àirc;
14 Iad féin, agus gach uile bheathach a réir a ghnè, agus an spréidh uile a réir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a tha 'snàigeadh air an talamh a réir a ghnè, agus an eunlaith uile a réir an gnè, gach eun de gach seòrsa.
15 Agus chaidh iad a steach a chum Noah do'n àirc, a lìon dithis agus dithis, de gach uile fheòil, anns am bheil anail na beatha.
16 Agus iadsan a chaidh a steach, firionn agus boirionn chaidh iad a steach de gach uile fheòil, mar a dh'àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearn stigh e.
17 Agus bha 'n dìle dà fhichead là air an talamh, agus mheudaicheadh na h-uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os ceann na talmhainn.
18 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan, agus mheudaicheadh iad gu h-anabarrach air an talamh; agus shiubhail an àirc air aghaidh nan uisgeachan.
19 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan gu ro anabarrach air an talamh; agus chòmhdaicheadh na beanntan àrda uile, a bha fo na nèamhaibh gu léir.
20 Cuig làmh-choille dheug air àirde bhuadhaich na h-uisgeachan; agus chòmhdaicheadh na beanntan.
21 Agus dh'eug gach uile fheòil a bha 'gluasad air an talamh, araon de eunlaith,
agus de spréidh, agus de bheathaichibh, agus de gach ni a shnàigeas a tha 'snaigeadh air an talamh, agus gach uile dhuine.
22 Gach ni aig an robh anail na beatha ann an cuinneinibh a shròine, de na h-uile a bha air an talamh thioram, dh'eug iad.
23 Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha air aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; agus sgriosadh iad bhàrr na talmhainn, agus dh'fhàgadh a mhàin Noah, agus na bha maille ris 's an àirc.
24 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan os ceann na talmhainn ceud agus leth-cheud là.