Thursday 12 November 2009

Gen 6


1 Agus 'n uair a thòisich daoine ri fàs lìonmhor air aghaidh na talmhainn, agus a rugadh nigheanan dhoibh,
2 Agus a chunnaic mic Dhé nigheanan dhaoine, gu'n robh iad sgiamhach, ghabh iad dhoibh féin mnathan de gach uile a roghnaich iad.
3 Agus thubhairt an Tighearn, Cha bhi mo Spiorad a' stri ris an duine a ghnàth, do bhrìgh gur feòil a mhàin e: gidheadh bithidh a là 'n a cheud agus fichead bliadhna.
4 Bha famhairean air an talamh 's na làithibh sin; agus mar an ceudna 'n a dhéigh sin, 'n uair a thàinig mic Dhé a steach a chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhoibh, dh'fhàs iad sin 'n an daoinibh treima, a bha o shean 'n an daoinibh ainmeil.
5 Agus chunnaic an Tighearn gu'm bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu'n robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a mhàin olc gach aon là.
6 Agus b'aithreach leis an Tighearn gu'n d' rinn e an duine air an talamh, agus thog e doilgheas da 'n a chridhe.
7 Agus thubhairt an Tighearn, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gu'n d'rinn mi iad.
8 Ach fhuair Noah deadh-ghean ann an sùilibh an Tighearna.
9 Is iad so ginealaich Noah: Bha Noah 'n a dhuine cothromach, agus iomlan 'n a linn; agus ghluais Noah maille ri Dia.
10 Agus ghin Noah triuir mhac, Sem, Ham agus Iaphet.
11 Agus bha 'n talamh truaillidh 'am fianuis Dhé, agus lìonadh an talamh le foirneart.
12 Agus dh'amhairc Dia air an talamh, agus, feuch, bha e truaillidh; oir thruaill gach uile fheòil a slighe air an talamh.
13 Agus thubhairt Dia ri Noah, Thàinig crìoch gach uile fheòla a'm' fhianuis; oir tha'n talamh air a lìonadh le foirneart d'an trìd-san: agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh.
14 Dean dhuit féin àirc de fhiodh gopher; seòmraichean ni thu 's an àirc, agus còmhdaichidh tu i a stigh agus a muigh le pìc.
15 Agus so a' chumachd air an dean thu i: Tri cheud làmh-choille fad na h-àirce, leth-cheud làmh-choille a leud, agus deich 'ar fhichead làmh-choille a h-àirde.
16 Uinneag ni thu do'n àirc, agus 'an làmh-choille criochnaichidh tu i 'n a mullach; agus dorus na h-àirce cuiridh tu 'n a taobh: le lobhtaibh iochdarach, meadhonach, agus uachdarach ni thu i.
17 Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios
gach uile fheòla, anns am bheil anail na beatha fo nèamh: agus gheibh gach ni a tha air an talamh bàs.
18 Ach daingnichidh mi mo choimhcheangal riutsa: agus théid thu a steach do'n
àirc, thu féin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut.
19 Agus de gach uile ni beò de'n uile fheòil, dithis de gach seòrsa bheir thu steach do'n àirc, gu'n gleidheadh beò maille riut: firionn agus boirionn bithidh iad.
20 De'n eunlaith a réir an gnè, agus de'n spréidh a réir an gnè, agus de gach ni a shnàigeas air an talamh a réir a ghnè: théid dithis de gach seòrsa steach a d' ionnsuidh, gu'n gleidheadh beò.
21 Agus gabh thusa dhuit de gach uile bhiadh a dh'ithear, agus cruinnichidh tu a
d' ionnsuidh e; agus bithidh e dhuitse agus dhoibhsan air son beathachaidh.
22 Mar so rinn Noah; a réir gach ni a dh'àithn Dia dha, mar sin rinn e.