Tuesday 10 November 2009

Gen 4


1 Agus dh'aithnich Àdhamh a bhean Eubha, agus dh'fhàs i torrach, agus rug i Cain, agus thubhairt i, Fhuair mi duine o'n Tighearn.
2 Agus a rìs rug i a bhràthair Abel: agus bha Abel 'n a bhuachaille chaorach, ach bha Cain 'n a threabhaiche fearainn.
3 Agus tharladh an ceann làithean àraidh, gu'n d' thug Cain de thoradh an fhearainn tabhartas do'n Tighearn.
4 Agus thug Abel mar an ceudna de cheud ghinibh a thréid, agus d'an saill: agus bha meas aig an Tighearn air Abel, agus air a thabhartas:
5 Ach air Cain, agus air a thabhartas, cha robh meas aige. Agus bha Cain fo throm fheirg, agus thuit a ghnùis.
6 Agus thubhairt an Tighearn ri Cain, Car son a tha fearg ort? agus c'ar son a thuit do ghnùis?
7 Ma ni thu gu maith, nach gabhar riut? agus mur dean thu gu maith, aig an dorus tha peacadh 'n a luidhe. Agus riutsa bithidh a thogradh, agus bithidh uachdaranachd agad air.
8 Agus labhair Cain ri h-Abel a bhràthair: agus 'n uair a bha iad 's a' mhachair, dh'éirich Cain suas an aghaidh Abeil a bhràthar, agus mharbh se e.
9 Agus thubhairt an Tighearn ri Cain, C'àit am bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Cha-n 'eil fhios agam. Am mise fear-gleidhidh mo bhràthar?
10 Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fola do bhràthar ag éigheach riumsa o'n talamh.
11 Agus a nis tha thu mallaichte o'n talamh, a dh'fhosgail a bheul a ghabhail fola do bhràthar o d'làimh.
12 'N uair a shaoithricheas tu an talamh, cha toir e dhuit á so suas a neart. A' d'fhògarach agus a' d'fhear-fuadain bithidh tu air an talamh.
13 Agus thubhairt Cain ris an Tighearn, Is mò mo pheanas na gur urrainn mi 'ghuilan.
14 Feuch, dh' fhògair thu mi mach an diugh bhàrr aghaidh na talmhainn: agus o d' ghnùis-sa folaichear mi, agus bithidh mi a'm'fhògarach agus a'm' fhear-fuadain air an talamh; agus tarlaidh, gach neach a gheibh mi, gu marbh e mi.
15 Agus thubhairt an Tighearn ris, Uime sin ge b'e air bith a mharbhas Cain, nithear a sheachd uiread de dhioghaltas air. Agus chuir an Tighearn comharadh air Cain, a chum ge b'e neach a gheibheadh e nach marbhadh se e.
16 Agus chaidh Cain a mach á làthair an Tighearn', agus ghabh e còmhnuidh ann an tìr Nod an taobh an ear a dh' Éden.
17 Agus dh'aithnich Cain a bhean, agus dh'fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile, agus ghoir e ainm a' bhaile a réir ainm a mhic, Enoch.
18 Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Lamech.
19 Agus ghabh Lamech dha féin dà mhnaoi: b'e ainm a h-aon diubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah.
20 Agus ghin Adah Iabal: b'esan athair na muinntir a tha 'gabhail còmhnuidh 'am buthaibh, agus na muinntir aig am bheil spréidh.
21 Agus b' e ainm a bhràthar Iubal: b'esan athair nan uile a làimhsicheas clàrsach agus organ.
22 Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubalcain, fear-teagaisg gach uile fhir-ceird ann an umha agus 'an iarrun: agus b'i piuthar Thubalcain Naamah.
23 Agus thubhairt Lamech r'a mhnàibh, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnathan Lameich, éisdibh ri m' chainnt: oir mharbh mi duine a chum mo lotaidh, agus òganach a chum mo chiurraidh.
24 Ma dhìolar Cain a sheachd uiread, gu deimhin dìolar Lamech a sheachd-deug agus a thri fichead uiread.
25 Agus dh'aithnich Àdhamh a rìs a bhean, agus rug i mac, agus thug i Set mar ainm air; oir dh'òrduich Dia, thubhairt i, dhomhsa sliochd eile 'an àit Abeil, a mharbhadh le Cain.
26 Agus do Shet féin mar an ceudna rugadh mac, agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna.