Wednesday 25 November 2009

Gen 9


1 Agus bheannaich Dia Noah agus a mhic, agus thubhairt e riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh.
2 Agus bithidh bhur n-eagal agus bhur fiamhsa air uile bheathaichibh na talmhainn, agus air uile eunlaith nan speur, air gach ni a ghluaiseas air an talamh, agus air uile iasgaibh na mara; d'ur làimh-sa tha iad air an tabhairt.
3 Bithidh gach ni gluasadach a tha beò, dhuibh mar bhiadh; amhuil mar an luibh ghorm thug mi dhuibh na h-uile nithean.
4 Ach feòil maille r'a beatha, eadhon a fuil, cha-n ith sibh.
5 Agus gu deimhin fuil bhur beatha-sa iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthar gach duine iarraidh mi beatha an duine.
6 Ge b'e 'dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear 'fhuil-san; oir ann an dealbh Dhé rinn e an duine.
7 Agus bithibh-sa sìolmhor, agus fàsaibh lìonmhor, ginibh air an talamh, agus fàsaibh lìonmhor ann.
8 Agus labhair Dia ri Noah, agus r'a mhic maille ris, ag ràdh,
9 Agus mise, feuch, daingnichidh mi mo choimhcheangal ribhse, agus ri'r sliochd 'n 'ur déigh.
10 Agus ris gach uile chreutair beò a tha maille ribh, de eunlaith, de spréidh, agus de uile bheathaichibh na talmhainn maille ribh, gach uile 'tha 'dol a mach as an àirc, gu uile bheathaichibh na talmhainn.
11 Agus daingnichidh mi mo choimhcheangal ribh, agus cha sgriosar gach uile fheòil tuille le h-uisgibh na dìle: agus cha bhi dìle ann ni's mò a sgrios na talmhainn.
12 Agus thubhairt Dia, So comharadh a' choimhcheangail a tha mi 'toirt eadar mise agus sibhse, agus gach creutair beò a tha maille ribh, air feadh ghinealach sìorruidh:
13 Mo bhogha cuiridh mi anns an neul, agus bithidh e 'n a chomharadh coimhcheangail eadar mise agus an talamh.
14 Agus tarlaidh, 'n uair a bheir mi neul os ceann na talmhainn, gu'm faicear am bogha anns an neul.
15 Agus cuimhnichidh mi mo choimhcheangal, a tha eadar mise agus sibhse, agus gach creutair beò de'n uile fheòil; agus cha-n fhàs ni's mò na h-uisgeachan 'n an dìle a sgrios gach uile fheòla.
16 Agus bithidh am bogha anns an neul, agus amhaircidh mi air, chum as gu'n cuimhnich mi 'n coimhcheangal sìorruidh eadar Dia agus gach creutair beò de'n uile fheòil, a tha air an talamh.
17 Agus thubhairt Dia ri Noah, So comharadh a' choimhcheangail, a dhaingnich mi eadar mi féin agus gach uile fheòil a tha air an talamh.
18 Agus b'iad mic Noah a chaidh a mach as an àirc, Sem, agus Ham, agus Iaphet: agus b'e Ham athair Chanaain.
19 Is iad sin triuir mhac Noah: agus leo sin lìonadh an talamh uile.
20 Agus thòisich Noah air a bhi 'n a fhear saoithreach na talmhainn, agus shuidhich e fìon-ghàradh.
21 Agus dh'òl e de'n fhìon, agus bha e air mhisg, agus bha e lomnochd a stigh 'n a bhùth.
22 Agus chunnaic Ham, athair Chanaain, nochd 'athar, agus dh'innis e d'a dhà bhràthair a muigh.
23 Agus ghabh Sem agus Iaphet brat, agus chuir iad le 'chéile air an guailnibh e, agus chaidh iad 'an comhair an cùil, agus chòmhdaich iad nochd an athar; agus bha 'n aghaidhean air an ais, agus cha-n fhac' iad nochd an athar.
24 Agus dhùisg Noah o 'fhìon, agus thuig e ciod a rinn a mhac a b'òige air.
25 Agus thubhairt e, mallaichte gun robh Canaan; 'n a sheirbhiseach nan seirbhiseach bithidh e d'a bhràithribh.
26 Agus thubhairt e, Beannaichte gu'n robh Tighearn Dia Sheim; agus bithidh Canaan 'na sheirbhiseach dha.
27 Ni Dia Iaphet farsaing, agus còmhnuichidh e ann am bùthaibh Sheim; agus bithidh Canaan 'n a sheirbhiseach dha.
28 Agus bha Noah beò an déigh na dìle tri cheud, agus leth-cheud bliadhna.
29 Agus b'iad uile làithean Noah naoi ceud, agus leth-cheud bliadhna: agus fhuair e bàs.

Thursday 19 November 2009

Gen 8


1 Agus chuimhnich Dia air Noah, agus air gach ni beò, agus air gach uile spréidh a bha maille ris 's an àirc, agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h-uisgeachan.
2 Agus dhruideadh suas tobraichean na doimhne, agus tuil-dhorsan nan nèamh;
agus choisgeadh an t-uisge o na nèamhaibh.
3 Agus phill na h-uisgeachan a ghnàth bhàrr na talmhainn: agus thraogh na h-uisgeachan an déigh ceud agus leth-cheud là.
4 Agus stad an àirc anns an t-seachdamh mìos, air an t-seachdamh là deug de'n
mhìos, air beanntaibh Ararait.
5 Agus thraogh na h-uisgeachan a ghnàth gus an deicheamh mìos: Anns an deicheamh
mìos, air a' cheud là de'n mhìos, chunnacas mullaichean nam beann.
6 Agus an ceann da fhichead là, dh'fhosgail Noah uinneag na h-àirce a rinn e.
7 Agus chuir e mach fitheach, a chaidh a mach a' dol air 'ais agus air 'aghaidh, gus an do thiormaicheadh na h-uisgeachan bhàrr na talmhainn.
8 Mar an ceudna chuir e mach columan uaithe, a dh'fhaicinn an do thraogh na h-uisgeachan bhàrr aghaidh na talmhainn.
9 Ach cha d'fhuair an columan fois do bhonn a choise, agus phill e d'a ionnsuidh
do'n àirc, do bhrìgh gu'n robh na h-uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile. An
sin chuir e mach a làmh, agus rug e air, agus thug e stigh e d'a ionnsuidh do'n àirc.
10 Agus dh'fhan e fathast seachd làithean eile, agus a rìs chuir e mach an columan o'n àirc.
11 Agus thàinig an columan d'a ionnsuidh 's an fheasgar, agus, feuch, duilleag craoibh-ola, a spìonadh leis, aige 'n a ghob: agus dh'aithnich Noah gu'n do thraogh na h-uisgeachan bhàrr na talmhainn.
12 Agus dh'fhan e fathast seachd làithean eile, agus chuir e mach an columan; agus cha do phill e rìs d'a ionnsuidh ni's mò.
13 Agus anns an t-sèathamh ceud bliadhna agus a h-aon, anns a' cheud mhìos, anns a' cheud là de'n mhìos, thiormaicheadh na h-uisgeachan suas bhàrr na talmhainn: agus bhuin Noah air falbh comhdachadh na h-àirce, agus dh'amhairc e, agus, feuch, bha aghaidh na talmhainn tioram.
14 Agus 's an dara mìos, 's an t-seachdamh là thar fhichead de'n mhìos, bha an talamh air tiormachadh.
15 Agus labhair Dia ri Noah, ag ràdh,
16 Rach a mach as an àirc, thu fein, agus do bhean, agus do mhic, agus mnathan do mhac maille riut.
17 Thoir a mach leat gach ni beò a tha maille riut, de gach uile fheòil, de eunlaith, agus de spréidh, agus de gach uile ni a shnàigeas a tha 'snaigeadh air an talamh, chum as gu'n sìolaich iad air an talamh, agus gu'm bi iad torrach, agus gu'm fàs iad lìonmhor air an talamh.
18 Agus chaidh Noah a mach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnathan a mhac
maille ris:
19 Chaidh gach uile bheathach, gach ni a shnàigeas, agus gach eun, gach ni a ghluaiseas air an talamh, a réir an cineil, a mach as an àirc.
20 Agus thog Noah altair do'n Tighearn, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus
de gach eun glan, agus thug e suas tabhartais-loisgte air an altair.
21 Agus dh'fhairich an Tighearn fàile cubhraidh; agus thubhairt an Tighearn 'n
a chridhe, Cha mhallaich mi rìs an talamh ni's mò air son an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o 'òige; ni mò a sgriosas mi tuille gach ni beò, mar a rinn mi.
22 Am feadh a mhaireas an talamh, cha sguir àm an t-sìl-chur, agus foghar, agus
fuachd agus teas, agus samhradh, agus geamhradh, agus là, agus oidhche.

Friday 13 November 2009

Gen 7


1 Agus thubhairt an Tighearn ri Noah, Rach thusa, agus do thigh uile, a steach do'n àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach a'm' fhianuis 's a' ghinealach so.
2 De gach uile ainmhidh glan gabhaidh tu dhuit 'n an seachdaibh, am firionn agus
am boirionn; agus de ainmhidhibh nach 'eil glan 'n an caraidibh, am firionn agus am boirionn:
3 Mar an ceudna de eunlaith nan speur 'n an seachdaibh, firionn agus boirionn, a
ghléidheadh sìl beò air aghaidh na talmhainn uile:
4 Oir fathast seachd làithean, agus bheir mise air uisge teachd air an talamh dà
fhichead là agus dà fhichead oidhche; agus sgriosaidh mi gach dùil bheò a rinn mi, bhàrr aghaidh na talmhainn.
5 Agus rinn Noah a réir gach ni a dh'àithn an Tighearn dha.
6 Agus bha Noah sè ceud bliadhna dh'aois, 'n uair a bha an dìle uisgeachan air an talamh.
7 Agus chaidh Noah steach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnathan a mhac maille
ris, do'n àirc, air son uisgeachan na dìle.
8 De ainmhidhibh glan, agus de ainmhidhibh nach 'eil glan, agus de eunlaith, agus de gach ni a shnàigeas air an talamh,
9 Chaidh dithis agus dithis a steach a dh'ionnsuidh Noah do'n àirc, firionn agus
boirionn, a réir mar a dh'àithn Dia do Noah.
10 Agus an déigh sheachd làithean bha uisgeachan na dìle air an talamh.
11 Anns an t-sèathamh ceud bliadhna dh'aois Noah, 's an dara mìos, 's an t-seachdamh là deug de'n mhìos, 's an là sin fhéin bhriseadh suas uile thobraichean na doimhne mòire, agus bha tuil-dhorsan nan nèamh air am fosgladh.
12 Agus bha'n t-uisge air an talamh dà fhichead là agus dà fhichead oidhche.
13 'S a' cheart là sin féin chaidh Noah, agus Sem, agus Ham, agus Iaphet, mic Noah, agus bean Noah, agus triuir bhan a mhac maille riu, steach do'n àirc;
14 Iad féin, agus gach uile bheathach a réir a ghnè, agus an spréidh uile a réir an gnè, agus gach creutair a shnàigeas a tha 'snàigeadh air an talamh a réir a ghnè, agus an eunlaith uile a réir an gnè, gach eun de gach seòrsa.
15 Agus chaidh iad a steach a chum Noah do'n àirc, a lìon dithis agus dithis, de gach uile fheòil, anns am bheil anail na beatha.
16 Agus iadsan a chaidh a steach, firionn agus boirionn chaidh iad a steach de gach uile fheòil, mar a dh'àithn Dia dha: agus dhruid an Tighearn stigh e.
17 Agus bha 'n dìle dà fhichead là air an talamh, agus mheudaicheadh na h-uisgeachan, agus ghiùlain iad an àirc, agus thogadh suas i os ceann na talmhainn.
18 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan, agus mheudaicheadh iad gu h-anabarrach air an talamh; agus shiubhail an àirc air aghaidh nan uisgeachan.
19 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan gu ro anabarrach air an talamh; agus chòmhdaicheadh na beanntan àrda uile, a bha fo na nèamhaibh gu léir.
20 Cuig làmh-choille dheug air àirde bhuadhaich na h-uisgeachan; agus chòmhdaicheadh na beanntan.
21 Agus dh'eug gach uile fheòil a bha 'gluasad air an talamh, araon de eunlaith,
agus de spréidh, agus de bheathaichibh, agus de gach ni a shnàigeas a tha 'snaigeadh air an talamh, agus gach uile dhuine.
22 Gach ni aig an robh anail na beatha ann an cuinneinibh a shròine, de na h-uile a bha air an talamh thioram, dh'eug iad.
23 Agus sgriosadh gach uile dhùil a bha air aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; agus sgriosadh iad bhàrr na talmhainn, agus dh'fhàgadh a mhàin Noah, agus na bha maille ris 's an àirc.
24 Agus bhuadhaich na h-uisgeachan os ceann na talmhainn ceud agus leth-cheud là.

Thursday 12 November 2009

Gen 6


1 Agus 'n uair a thòisich daoine ri fàs lìonmhor air aghaidh na talmhainn, agus a rugadh nigheanan dhoibh,
2 Agus a chunnaic mic Dhé nigheanan dhaoine, gu'n robh iad sgiamhach, ghabh iad dhoibh féin mnathan de gach uile a roghnaich iad.
3 Agus thubhairt an Tighearn, Cha bhi mo Spiorad a' stri ris an duine a ghnàth, do bhrìgh gur feòil a mhàin e: gidheadh bithidh a là 'n a cheud agus fichead bliadhna.
4 Bha famhairean air an talamh 's na làithibh sin; agus mar an ceudna 'n a dhéigh sin, 'n uair a thàinig mic Dhé a steach a chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhoibh, dh'fhàs iad sin 'n an daoinibh treima, a bha o shean 'n an daoinibh ainmeil.
5 Agus chunnaic an Tighearn gu'm bu mhòr aingidheachd an duine air an talamh, agus gu'n robh uile bhreithneachadh smuaintean a chridhe a mhàin olc gach aon là.
6 Agus b'aithreach leis an Tighearn gu'n d' rinn e an duine air an talamh, agus thog e doilgheas da 'n a chridhe.
7 Agus thubhairt an Tighearn, Sgriosaidh mi an duine, a chruthaich mi, bhàrr aghaidh na talmhainn, araon duine agus ainmhidh, agus an creutair a shnàigeas, agus eunlaith nan speur; oir is aithreach leam gu'n d'rinn mi iad.
8 Ach fhuair Noah deadh-ghean ann an sùilibh an Tighearna.
9 Is iad so ginealaich Noah: Bha Noah 'n a dhuine cothromach, agus iomlan 'n a linn; agus ghluais Noah maille ri Dia.
10 Agus ghin Noah triuir mhac, Sem, Ham agus Iaphet.
11 Agus bha 'n talamh truaillidh 'am fianuis Dhé, agus lìonadh an talamh le foirneart.
12 Agus dh'amhairc Dia air an talamh, agus, feuch, bha e truaillidh; oir thruaill gach uile fheòil a slighe air an talamh.
13 Agus thubhairt Dia ri Noah, Thàinig crìoch gach uile fheòla a'm' fhianuis; oir tha'n talamh air a lìonadh le foirneart d'an trìd-san: agus, feuch, sgriosaidh mise iad maille ris an talamh.
14 Dean dhuit féin àirc de fhiodh gopher; seòmraichean ni thu 's an àirc, agus còmhdaichidh tu i a stigh agus a muigh le pìc.
15 Agus so a' chumachd air an dean thu i: Tri cheud làmh-choille fad na h-àirce, leth-cheud làmh-choille a leud, agus deich 'ar fhichead làmh-choille a h-àirde.
16 Uinneag ni thu do'n àirc, agus 'an làmh-choille criochnaichidh tu i 'n a mullach; agus dorus na h-àirce cuiridh tu 'n a taobh: le lobhtaibh iochdarach, meadhonach, agus uachdarach ni thu i.
17 Agus, feuch, bheir mise, eadhon mise, dìle uisgeachan air an talamh, a sgrios
gach uile fheòla, anns am bheil anail na beatha fo nèamh: agus gheibh gach ni a tha air an talamh bàs.
18 Ach daingnichidh mi mo choimhcheangal riutsa: agus théid thu a steach do'n
àirc, thu féin, agus do mhic, agus do bhean, agus mnathan do mhac maille riut.
19 Agus de gach uile ni beò de'n uile fheòil, dithis de gach seòrsa bheir thu steach do'n àirc, gu'n gleidheadh beò maille riut: firionn agus boirionn bithidh iad.
20 De'n eunlaith a réir an gnè, agus de'n spréidh a réir an gnè, agus de gach ni a shnàigeas air an talamh a réir a ghnè: théid dithis de gach seòrsa steach a d' ionnsuidh, gu'n gleidheadh beò.
21 Agus gabh thusa dhuit de gach uile bhiadh a dh'ithear, agus cruinnichidh tu a
d' ionnsuidh e; agus bithidh e dhuitse agus dhoibhsan air son beathachaidh.
22 Mar so rinn Noah; a réir gach ni a dh'àithn Dia dha, mar sin rinn e.

Wednesday 11 November 2009

Gen 5


1 Is e so leabhar ghinealach Àdhaimh: 's 'an là 'an do chruthaich Dia an duine, ann an coslas Dhé rinn se e.
2 Firionnach agus boirionnach chruthaich e iad; agus bheannaich e iad, agus thug e Àdhamh mar ainm orra, 's an là, 'an do chruthaicheadh iad.
3 Agus bha Àdhamh beò ceud agus deich bliadhna fichead, agus ghin e mac 'n a choslas féin, a réir iomhaigh féin: agus thug e Set mar ainm air.
4 Agus b'iad làithean Àdhaimh an déigh dha Set a ghintinn, ochd ceud bliadhna: agus ghin e mic agus nigheanan.
5 Agus b'iad uile làithean Àdhaimh a bha e beò, naoi ceud agus deich bliadhna fichead; agus fhuair e bàs.
6 Agus bha Set beò ceud agus cùig bliadhna, agus ghin e Enos.
7 Agus bha Set beò, an déigh dha Enos a ghintinn, ochd ceud agus seachd bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
8 Agus b'iad uile làithean Shet naoi ceud agus dà bhliadhna dheug; agus fhuair e bàs.
9 Agus bha Enos beò ceithir fichead bliadhna agus a deich, agus ghin e Cainan.
10 Agus bha Enos beò, an déigh dha Cainan a ghintinn, ochd ceud agus cùig bliadhna deug, agus ghin e mic, agus nigheanan.
11 Agus b' iad uile làithean Enois naoi ceud agus cùig bliadhna; agus fhuair e bàs.
12 Agus bha Cainan beò deich bliadhna agus tri fichead, agus ghin e Mahalaleel.
13 Agus bha Cainan beò, an déigh dha Mahalaleel a ghintinn, ochd ceud agus dà fhichead bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
14 Agus b'iad uile làithean Chainain naoi ceud agus deich bliadhna; agus fhuair e bàs.
15 Agus bha Mahalaleel beò cùig bliadhna agus tri fichead, agus ghin e Iared.
16 Agus bha Mahalaleel beò, an déigh dha Iared a ghintinn, ochd ceud agus deich bliadhna fichead, agus ghin e mic agus nigheanan.
17 Agus b'iad uile làithean Mhahalaleeil ochd ceud, ceithir fichead, agus cùig bliadhna deug; agus fhuair e bàs.
18 Agus bha Iared beò ceud, tri fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e Enoch.
19 Agus bha Iared beò, an déigh dha Enoch a ghintinn, ochd ceud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
20 Agus b'iad uile làithean Iareid naoi ceud, tri fichead, agus dà bhliadhna; agus fhuair e bàs.
21 Agus bha Enoch beò tri fichead agus cùig bliadhna, agus ghin e Metuselah.
22 Agus ghluais Enoch maille ri Dia, an déigh dha Metuselah a ghintinn, tri cheud bliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
23 Agus b'iad uile làithean Enoich tri cheud, agus tri fichead, agus cùig bliadhna.
24 Agus ghluais Enoch maille ri Dia, agus cha robh e ann, oir thug Dia leis e.
25 Agus bha Metuselah beò ceud, agus ceithir fichead, agus seachd bliadhna, agus ghin e Lamech.
26 Agus bha Metuselah beò, an déigh dha Lamech a ghintinn, seachd ceud, ceithir fichead, agus dà bhliadhna, agus ghin e mic agus nigheanan.
27 Agus b' iad uile làithean Mhetuselah naoi ceud tri fichead agus naoi bliadhna; agus fhuair e bàs.
28 Agus bha Lamech beò ceud, ceithir fichead agus dà bhliadhna, agus ghin e mac.
29 Agus thug e Noah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an ti so féin sòlas dhuinne thaobh ar n-oibre agus saoithreach ar làmh, a thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearn.
30 Agus bha Lamech beò, an déigh dha Noah a ghintinn, cùig ceud, ceithir fichead, agus cùig bliadhna deug; agus ghin e mic agus nigheanan.
31 Agus b' iad uile làithean Lameich, seachd ceud tri fichead agus seachd bliadhna deug; agus fhuair e bàs.
32 Agus bha Noah cùig ceud bliadhna dh'aois: agus ghin Noah Sem, Ham, agus Iaphet.

Tuesday 10 November 2009

Gen 4


1 Agus dh'aithnich Àdhamh a bhean Eubha, agus dh'fhàs i torrach, agus rug i Cain, agus thubhairt i, Fhuair mi duine o'n Tighearn.
2 Agus a rìs rug i a bhràthair Abel: agus bha Abel 'n a bhuachaille chaorach, ach bha Cain 'n a threabhaiche fearainn.
3 Agus tharladh an ceann làithean àraidh, gu'n d' thug Cain de thoradh an fhearainn tabhartas do'n Tighearn.
4 Agus thug Abel mar an ceudna de cheud ghinibh a thréid, agus d'an saill: agus bha meas aig an Tighearn air Abel, agus air a thabhartas:
5 Ach air Cain, agus air a thabhartas, cha robh meas aige. Agus bha Cain fo throm fheirg, agus thuit a ghnùis.
6 Agus thubhairt an Tighearn ri Cain, Car son a tha fearg ort? agus c'ar son a thuit do ghnùis?
7 Ma ni thu gu maith, nach gabhar riut? agus mur dean thu gu maith, aig an dorus tha peacadh 'n a luidhe. Agus riutsa bithidh a thogradh, agus bithidh uachdaranachd agad air.
8 Agus labhair Cain ri h-Abel a bhràthair: agus 'n uair a bha iad 's a' mhachair, dh'éirich Cain suas an aghaidh Abeil a bhràthar, agus mharbh se e.
9 Agus thubhairt an Tighearn ri Cain, C'àit am bheil Abel do bhràthair? Agus thubhairt esan, Cha-n 'eil fhios agam. Am mise fear-gleidhidh mo bhràthar?
10 Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fola do bhràthar ag éigheach riumsa o'n talamh.
11 Agus a nis tha thu mallaichte o'n talamh, a dh'fhosgail a bheul a ghabhail fola do bhràthar o d'làimh.
12 'N uair a shaoithricheas tu an talamh, cha toir e dhuit á so suas a neart. A' d'fhògarach agus a' d'fhear-fuadain bithidh tu air an talamh.
13 Agus thubhairt Cain ris an Tighearn, Is mò mo pheanas na gur urrainn mi 'ghuilan.
14 Feuch, dh' fhògair thu mi mach an diugh bhàrr aghaidh na talmhainn: agus o d' ghnùis-sa folaichear mi, agus bithidh mi a'm'fhògarach agus a'm' fhear-fuadain air an talamh; agus tarlaidh, gach neach a gheibh mi, gu marbh e mi.
15 Agus thubhairt an Tighearn ris, Uime sin ge b'e air bith a mharbhas Cain, nithear a sheachd uiread de dhioghaltas air. Agus chuir an Tighearn comharadh air Cain, a chum ge b'e neach a gheibheadh e nach marbhadh se e.
16 Agus chaidh Cain a mach á làthair an Tighearn', agus ghabh e còmhnuidh ann an tìr Nod an taobh an ear a dh' Éden.
17 Agus dh'aithnich Cain a bhean, agus dh'fhàs i torrach, agus rug i Enoch: agus thog e baile, agus ghoir e ainm a' bhaile a réir ainm a mhic, Enoch.
18 Agus rugadh do Enoch Irad; agus ghin Irad Mehuiael; agus ghin Mehuiael Metusael; agus ghin Metusael Lamech.
19 Agus ghabh Lamech dha féin dà mhnaoi: b'e ainm a h-aon diubh Adah, agus ainm na mnà eile Sillah.
20 Agus ghin Adah Iabal: b'esan athair na muinntir a tha 'gabhail còmhnuidh 'am buthaibh, agus na muinntir aig am bheil spréidh.
21 Agus b' e ainm a bhràthar Iubal: b'esan athair nan uile a làimhsicheas clàrsach agus organ.
22 Agus Sillah, rug ise mar an ceudna Tubalcain, fear-teagaisg gach uile fhir-ceird ann an umha agus 'an iarrun: agus b'i piuthar Thubalcain Naamah.
23 Agus thubhairt Lamech r'a mhnàibh, Adah agus Sillah, Cluinnibh mo ghuth, a mhnathan Lameich, éisdibh ri m' chainnt: oir mharbh mi duine a chum mo lotaidh, agus òganach a chum mo chiurraidh.
24 Ma dhìolar Cain a sheachd uiread, gu deimhin dìolar Lamech a sheachd-deug agus a thri fichead uiread.
25 Agus dh'aithnich Àdhamh a rìs a bhean, agus rug i mac, agus thug i Set mar ainm air; oir dh'òrduich Dia, thubhairt i, dhomhsa sliochd eile 'an àit Abeil, a mharbhadh le Cain.
26 Agus do Shet féin mar an ceudna rugadh mac, agus thug e Enos mar ainm air: an sin thòisich daoine ri gairm air ainm an Tighearna.

Monday 9 November 2009

Gen 3


1 A nis bha an nathair ni bu sheòlta na h-aon de bheathaichibh na macharach a rinn an Tighearn Dia; agus thubhairt i ris a' mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Cha-n ith sibh de gach craoibh 's a' ghàradh?
2 Agus thubhairt a' bhean ris an nathair, De mheas craobhan a' ghàraidh feudaidh sinn itheadh:
3 Ach de mheas na craoibhe a tha ann am meadhon a' ghàraidh, thubhairt Dia, Cha-n ith sibh dheth, agus cha bhean sibh dha, a chum nach faigh sibh bàs.
4 Agus thubhairt an nathair ris a' mhnaoi, Gu cinnteach cha-n fhaigh sibh bàs:
5 Oir a ta fios aig Dia, 's an là anns an ith sibh dheth, gu'm fosgailear bhur sùilean, agus gu'm bi sibh mar dhée, fiosrach air maith agus air olc.
6 Agus chunnaic a' bhean gu'n robh a' chraobh maith a chum bìdh, agus gu'n robh i taitneach do 'n t-sùil, agus 'n a craoibh r'a miannachadh a dheanamh neach glic; agus ghabh i d'a meas agus dh'ith i, agus thug i mar an ceudna d'a fear maille rithe, agus dh'ith e.
7 Agus dh'fhosgladh an sùilean le 'chéile, agus dh'aithnich iad gu'n robh iad lomnochd; agus dh' fhuaigh iad duilleach croinn-fhìge r'a chéile, agus rinn iad dhoibh féin aprain.
8 Agus chual' iad guth an Tighearna Dé ag imeachd 's a' ghàradh 'am fionnfhuaireachd an là: agus dh'fholaich Àdhamh agus a bhean iad féin o ghnùis an Tighearna Dé am measg chraobhan a' ghàraidh.
9 Agus dh'éigh an Tighearn Dia air Àdhamh, agus thubhairt e ris, C'àit am bheil thu?
10 Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth 's a' ghàradh, agus bha eagal orm a chionn gu'n robh mi lomnochd, agus dh'fholaich mi mi féin.
11 Agus thubhairt e, cò 'dh'innis dhuit gu'n robh thu lomnochd? An d'ith thu de'n chraoibh, a dh'àithn mise dhuit gun itheadh dhith?
12 Agus thubhairt an duine. A' bhean a thug thu gu bhi maille rium, thug ise dhomh de'n chraoibh, agus dh'ith mi.
13 Agus thubhairt an Tighearn Dia ris a' mhnaoi, Ciod e so a rinn thu? agus thubhairt a' bhean, Mheall an nathair mi, agus dh'ith mi.
14 Agus thubhairt an Tighearn Dia ris an nathair, A chionn gu'n d' rinn thu so, tha thu mallaichte thar gach ainmhidh, agus thar uile bheathaichean na macharach: air do bhroinn imichidh tu, agus duslach ithidh tu uile làithean do bheatha.
15 Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a' bhean, agus eadar do shìol-sa agus a sìol-sa: bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.
16 Ris a' mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thoirricheas; 'am pèin beiridh tu clann, agus ri d'fhear bithidh do thogradh, agus bithidh uachdaranachd aige ort.
17 Agus ri h-Àdhamh thubhairt e, Do bhrìgh gu'n d'éisd thu ri guth do mhnà, agus gu'n d'ith thu de'n chraoibh a dh' àithn mise dhuit, ag ràdh, Cha-n ith thu dhith, tha'n talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha.
18 Agus droighionn agus cluarain bheir e mach dhuit, agus ithidh tu luibh na macharach.
19 'Am fallus do ghnùise ithidh tu aran, gus am pill thu dh' ionnsuidh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach pillidh tu.
20 Agus thug Àdhamh Eubha mar ainm air a mhnaoi, do bhrìgh gu'm b'i màthair nan uile bheò.
21 Agus rinn an Tighearn Dia do Àdhamh agus d'a mhnaoi, còtaichean croicinn, agus chòmhdaich e iad.
22 Agus thubhairt an Tighearn Dia, Feuch, tha'n duine air fàs mar aon dhinn féin, fiosrach air maith agus olc. Agus a nis air eagal gu'n sìneadh e mach a làmh, agus gu'n gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gu'n itheadh e, agus gu'm biodh e beò gu sìorruidh:
23 Air an aobhar sin chuir an Tighearn Dia a mach e á gàradh Édein, a shaoithreachadh na talmhainn, as an d'thugadh e.
24 Agus dh'fhogair e mach an duine; agus shuidhich e 's an taobh an ear de ghàradh Édein Cheruban, agus claidheamh lasarach, a bha 'tionndadh air gach làimh, a ghléidheadh slighe craoibhe na beatha.