Monday 9 November 2009

Gen 3


1 A nis bha an nathair ni bu sheòlta na h-aon de bheathaichibh na macharach a rinn an Tighearn Dia; agus thubhairt i ris a' mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Cha-n ith sibh de gach craoibh 's a' ghàradh?
2 Agus thubhairt a' bhean ris an nathair, De mheas craobhan a' ghàraidh feudaidh sinn itheadh:
3 Ach de mheas na craoibhe a tha ann am meadhon a' ghàraidh, thubhairt Dia, Cha-n ith sibh dheth, agus cha bhean sibh dha, a chum nach faigh sibh bàs.
4 Agus thubhairt an nathair ris a' mhnaoi, Gu cinnteach cha-n fhaigh sibh bàs:
5 Oir a ta fios aig Dia, 's an là anns an ith sibh dheth, gu'm fosgailear bhur sùilean, agus gu'm bi sibh mar dhée, fiosrach air maith agus air olc.
6 Agus chunnaic a' bhean gu'n robh a' chraobh maith a chum bìdh, agus gu'n robh i taitneach do 'n t-sùil, agus 'n a craoibh r'a miannachadh a dheanamh neach glic; agus ghabh i d'a meas agus dh'ith i, agus thug i mar an ceudna d'a fear maille rithe, agus dh'ith e.
7 Agus dh'fhosgladh an sùilean le 'chéile, agus dh'aithnich iad gu'n robh iad lomnochd; agus dh' fhuaigh iad duilleach croinn-fhìge r'a chéile, agus rinn iad dhoibh féin aprain.
8 Agus chual' iad guth an Tighearna Dé ag imeachd 's a' ghàradh 'am fionnfhuaireachd an là: agus dh'fholaich Àdhamh agus a bhean iad féin o ghnùis an Tighearna Dé am measg chraobhan a' ghàraidh.
9 Agus dh'éigh an Tighearn Dia air Àdhamh, agus thubhairt e ris, C'àit am bheil thu?
10 Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth 's a' ghàradh, agus bha eagal orm a chionn gu'n robh mi lomnochd, agus dh'fholaich mi mi féin.
11 Agus thubhairt e, cò 'dh'innis dhuit gu'n robh thu lomnochd? An d'ith thu de'n chraoibh, a dh'àithn mise dhuit gun itheadh dhith?
12 Agus thubhairt an duine. A' bhean a thug thu gu bhi maille rium, thug ise dhomh de'n chraoibh, agus dh'ith mi.
13 Agus thubhairt an Tighearn Dia ris a' mhnaoi, Ciod e so a rinn thu? agus thubhairt a' bhean, Mheall an nathair mi, agus dh'ith mi.
14 Agus thubhairt an Tighearn Dia ris an nathair, A chionn gu'n d' rinn thu so, tha thu mallaichte thar gach ainmhidh, agus thar uile bheathaichean na macharach: air do bhroinn imichidh tu, agus duslach ithidh tu uile làithean do bheatha.
15 Agus cuiridh mi naimhdeas eadar thusa agus a' bhean, agus eadar do shìol-sa agus a sìol-sa: bruthaidh esan do cheann, agus bruthaidh tusa a shàil-san.
16 Ris a' mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thoirricheas; 'am pèin beiridh tu clann, agus ri d'fhear bithidh do thogradh, agus bithidh uachdaranachd aige ort.
17 Agus ri h-Àdhamh thubhairt e, Do bhrìgh gu'n d'éisd thu ri guth do mhnà, agus gu'n d'ith thu de'n chraoibh a dh' àithn mise dhuit, ag ràdh, Cha-n ith thu dhith, tha'n talamh mallaichte air do shon; ann an doilgheas ithidh tu dheth uile làithean do bheatha.
18 Agus droighionn agus cluarain bheir e mach dhuit, agus ithidh tu luibh na macharach.
19 'Am fallus do ghnùise ithidh tu aran, gus am pill thu dh' ionnsuidh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach pillidh tu.
20 Agus thug Àdhamh Eubha mar ainm air a mhnaoi, do bhrìgh gu'm b'i màthair nan uile bheò.
21 Agus rinn an Tighearn Dia do Àdhamh agus d'a mhnaoi, còtaichean croicinn, agus chòmhdaich e iad.
22 Agus thubhairt an Tighearn Dia, Feuch, tha'n duine air fàs mar aon dhinn féin, fiosrach air maith agus olc. Agus a nis air eagal gu'n sìneadh e mach a làmh, agus gu'n gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gu'n itheadh e, agus gu'm biodh e beò gu sìorruidh:
23 Air an aobhar sin chuir an Tighearn Dia a mach e á gàradh Édein, a shaoithreachadh na talmhainn, as an d'thugadh e.
24 Agus dh'fhogair e mach an duine; agus shuidhich e 's an taobh an ear de ghàradh Édein Cheruban, agus claidheamh lasarach, a bha 'tionndadh air gach làimh, a ghléidheadh slighe craoibhe na beatha.