Tuesday 3 November 2009

Gen 1



1 An toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh.
2 Agus bha 'n talamh gu'n dealbh agus falamh; agus bha dorchadas air aghaidh na doimhne: agus bha Spiorad Dhé a' gluasad air aghaidh nan uisgeachan.
3 Agus thubhairt Dia, Bitheadh solus ann: agus bha solus ann.
4 Agus chunnaic Dia an solus, gu 'n robh e maith: agus chuir Dia dealachadh eadar an solus, agus an dorchadas.
5 Agus thug Dia mar ainm air an t-solus, là, agus air an dorchadas thug e mar ainm, Oidhche: agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an ceud là.
6 Agus thubhairt Dia, Bitheadh athar 'am meadhon nan uisgeachan, agus cuireadh e dealachadh eadar uisgeachan agus uisgeachan.
7 Agus rinn Dia an t-athar, agus chuir e dealachadh eadar na h-uisgeachan a bha fo 'n athar, agus na h-uisgeachan a bha os ceann an athair: agus bha e mar sin.
8 Agus thug Dia mar ainm air an athar, Nèamh: agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an dara là.
9 Agus thubhairt Dia, Bitheadh na h-uisgeachan a tha fo nèamh air an cruinneachadh dh'aon àite, agus leigear ris an tìr thioram: agus bha e mar sin.
10 Agus thug Dia mar ainm air an tìr thioram, Talamh, agus air cruinneachadh nan uisgeachan thug e mar ainm, Fairgeachan: agus chunnaic Dia gu'n robh e maith.
11 Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a mach feur, luibh a ghineas sìol, craobhmheas a bheir a mach meas a réir a gnè, aig am bheil a sìol innte féin air an talamh: agus bha e mar sin.
12 Agus thug an talamh a mach feur, luibh a ghineas sìol a réir a gnè, agus craobh a bheir a mach meas, aig am bheil a sìol innte féin a réir a gnè: agus chunnaic Dia gu'n robh e maith.
13 Agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an treas là.
14 Agus thubhairt Dia, Bitheadh soluis ann an speuraibh nèimh a chur dealachaidh eadar an là agus an oidhche, agus bitheadh iad air son chomharan, agus air son aimsirean, agus air son làithean, agus bhliadhnachan.
15 Agus bitheadh iad mar sholusaibh ann an speuraibh nèimh, a thoirt soluis air an talamh: agus bha e mar sin.
16 Agus rinn Dia dà sholus mhòr, an solus a's mò a riaghladh an là, agus an solus a's lugha a riaghladh na h-oidhche; agus na reultan.
17 Agus shuidhich Dia iad ann an speuraibh nèimh, a thoirt soluis air an talamh,
18 Agus a riaghladh 's an là, agus 's an oidhche, agus a chur dealachaidh eadar an solus agus an dorchadas: agus chunnaic Dia gu'n robh e maith.
19 Agus b' iad am feasgar agus a' mhaduinn an ceathramh là.
20 Agus thubhairt Dia, Thugadh na h-uisgeachan a mach gu pailt an creutair gluasadach anns am bheil beatha, agus bitheadh eunlaith ag itealaich os ceann na talmhainn air aghaidh speuran nèimh.
21 Agus chruthaich Dia mucan-mara mòra, agus gach uile chreutair beò a ghluaiseas, a thug na h-uisgeachan a mach gu pailt a réir an gnè, agus gach eun iteagach a réir a ghnè: agus chunnaic Dia gu'n robh e maith.
22 Agus bheannaich Dia iad, ag ràdh, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh na h-uisgeachan anns na fairgibh, agus fàsadh an eunlaith lìonmhor air an talamh.
23 Agus b'iad am feasgar agus a' mhaduinn an cuigeamh là.
24 Agus thubhairt Dia, Thugadh an talamh a mach an creutair beò a réir a ghnè, spréidh, agus gach ni a shnàigeas, agus beathaichean na talmhainn a réir an gnè: agus bha e mar sin.
25 Agus rinn Dia beathaichean na talmhainn a réir an gnè, agus an spréidh a réir an gnè, agus gach ni a shnàigeas air an talamh a réir a ghnè: agus chunnaic Dia gu'n robh e maith.
26 Agus thubhairt Dia, Deanamaid an duine 'n ar dealbh féin, a réir ar coslais féin, agus bitheadh uachdaranachd aca os ceann éisg na mara, agus os ceann eunlaith nan speur, agus os ceann na spréidhe, agus os ceann na talmhainn uile, agus os ceann gach ni a shnàigeas a tha 'snàigeadh air an talamh.
27 Agus chruthaich Dia an duine 'n a dhealbh féin; ann an dealbh Dhé chruthaich se e: firionnach agus boirionnach chruthaich e iad.
28 Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e; agus bitheadh uachdaranachd agaibh os ceann éisg na mara, agus os ceann eunlaith nan speur, agus os ceann gach ni beò a ghluaiseas air an talamh.
29 Agus thubhairt Dia, Feuch, thug mi dhuibh gach luibh a ghineas sìol, a tha air aghaidh na talmhainn uile, agus gach craobh anns am bheil meas craoibhe a ghineas sìol; dhuibhse bithidh e mar bhiadh.
30 Agus do uile bheathaichibh na talmhainn, agus do uile eunlaith nan speur, agus do gach ni a shnàigeas air an talamh, anns am bheil beatha, thug mi gach luibh ghorm mar bhiadh: agus bha e mar sin.
31 Agus chunnaic Dia gach ni a rinn e, agus, feuch, bha e ro mhaith. Agus b' iad am feasgar agus a' mhaduinn an seathamh là.