Thursday 19 November 2009

Gen 8


1 Agus chuimhnich Dia air Noah, agus air gach ni beò, agus air gach uile spréidh a bha maille ris 's an àirc, agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h-uisgeachan.
2 Agus dhruideadh suas tobraichean na doimhne, agus tuil-dhorsan nan nèamh;
agus choisgeadh an t-uisge o na nèamhaibh.
3 Agus phill na h-uisgeachan a ghnàth bhàrr na talmhainn: agus thraogh na h-uisgeachan an déigh ceud agus leth-cheud là.
4 Agus stad an àirc anns an t-seachdamh mìos, air an t-seachdamh là deug de'n
mhìos, air beanntaibh Ararait.
5 Agus thraogh na h-uisgeachan a ghnàth gus an deicheamh mìos: Anns an deicheamh
mìos, air a' cheud là de'n mhìos, chunnacas mullaichean nam beann.
6 Agus an ceann da fhichead là, dh'fhosgail Noah uinneag na h-àirce a rinn e.
7 Agus chuir e mach fitheach, a chaidh a mach a' dol air 'ais agus air 'aghaidh, gus an do thiormaicheadh na h-uisgeachan bhàrr na talmhainn.
8 Mar an ceudna chuir e mach columan uaithe, a dh'fhaicinn an do thraogh na h-uisgeachan bhàrr aghaidh na talmhainn.
9 Ach cha d'fhuair an columan fois do bhonn a choise, agus phill e d'a ionnsuidh
do'n àirc, do bhrìgh gu'n robh na h-uisgeachan air aghaidh na talmhainn uile. An
sin chuir e mach a làmh, agus rug e air, agus thug e stigh e d'a ionnsuidh do'n àirc.
10 Agus dh'fhan e fathast seachd làithean eile, agus a rìs chuir e mach an columan o'n àirc.
11 Agus thàinig an columan d'a ionnsuidh 's an fheasgar, agus, feuch, duilleag craoibh-ola, a spìonadh leis, aige 'n a ghob: agus dh'aithnich Noah gu'n do thraogh na h-uisgeachan bhàrr na talmhainn.
12 Agus dh'fhan e fathast seachd làithean eile, agus chuir e mach an columan; agus cha do phill e rìs d'a ionnsuidh ni's mò.
13 Agus anns an t-sèathamh ceud bliadhna agus a h-aon, anns a' cheud mhìos, anns a' cheud là de'n mhìos, thiormaicheadh na h-uisgeachan suas bhàrr na talmhainn: agus bhuin Noah air falbh comhdachadh na h-àirce, agus dh'amhairc e, agus, feuch, bha aghaidh na talmhainn tioram.
14 Agus 's an dara mìos, 's an t-seachdamh là thar fhichead de'n mhìos, bha an talamh air tiormachadh.
15 Agus labhair Dia ri Noah, ag ràdh,
16 Rach a mach as an àirc, thu fein, agus do bhean, agus do mhic, agus mnathan do mhac maille riut.
17 Thoir a mach leat gach ni beò a tha maille riut, de gach uile fheòil, de eunlaith, agus de spréidh, agus de gach uile ni a shnàigeas a tha 'snaigeadh air an talamh, chum as gu'n sìolaich iad air an talamh, agus gu'm bi iad torrach, agus gu'm fàs iad lìonmhor air an talamh.
18 Agus chaidh Noah a mach, agus a mhic, agus a bhean, agus mnathan a mhac
maille ris:
19 Chaidh gach uile bheathach, gach ni a shnàigeas, agus gach eun, gach ni a ghluaiseas air an talamh, a réir an cineil, a mach as an àirc.
20 Agus thog Noah altair do'n Tighearn, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus
de gach eun glan, agus thug e suas tabhartais-loisgte air an altair.
21 Agus dh'fhairich an Tighearn fàile cubhraidh; agus thubhairt an Tighearn 'n
a chridhe, Cha mhallaich mi rìs an talamh ni's mò air son an duine; oir tha smuaintean cridhe an duine olc o 'òige; ni mò a sgriosas mi tuille gach ni beò, mar a rinn mi.
22 Am feadh a mhaireas an talamh, cha sguir àm an t-sìl-chur, agus foghar, agus
fuachd agus teas, agus samhradh, agus geamhradh, agus là, agus oidhche.